[00:00.000] 作曲 : Julie Fowlis
[00:04.415]A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
[00:10.502]A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi
[00:17.257]A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
[00:23.349]An tòir chrodh-laoigh a thàine mi.
[00:29.665]
[00:31.046]Gur ann a-raoir a chuala mi
[00:36.611]Mo ghaol a bhith ri buachailleachd,
[00:42.451]’S ged fhuair thu ’n iomall na buaile mi,
[00:47.956]A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi.
[00:55.606]
[01:03.166]’S mi dìreadh ris na gàrraidhean,
[01:08.840]’S a’ teàrnadh ris na fàirichean,
[01:14.404]Gun d’ thachair fleasgach bàigheil rium,
[01:19.876]’S cha d’ dh’ fheuch e bonn ga chàirdeis rium.
[01:24.620]
[01:26.748]Ged bheireadh tu crodh agus caoraich dhomh,
[01:32.358]Ged bheireadh tu eachaibh air thaodaibh dhomh,
[01:37.919]Ged bheireadh tu sin agus daoine dhomh,
[01:43.540]A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi.
[01:49.779]
[01:58.808]Trodaidh m’ athair ’s mo mhàthair riut,
[02:04.388]Trodaidh mo chinneadh ’s mo chàirdean riut,
[02:10.069]Ach marbhaidh mo thriùir bhràithrean thu
[02:15.484]Mura tèid mi dhachaigh mar thàine mi.
[02:20.900]
[02:22.743]Gheall mo mhàthair gùn thoirt dhomh,
[02:28.443]Gheall i ribean a b’ ùire dhomh,
[02:33.995]Is gheall i breacan ùr thoirt dhomh
[02:39.593]Ma thèid mi dhachaigh mar fhuair thu mi.
[02:45.191]
[03:07.668]A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
[03:11.123]A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi
[03:16.611]A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
[03:22.740]A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi